Sabhal Mòr Ostaig

Call Directions Website

Sabhal Mòr Ostaig Ionad Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig

National Centre for Gaelic Language and Culture

Chaidh Sabhal Mòr Ostaig a stèidheachadh ann an 1973 agus bhon uair sin, tha i air cliù a chosnadh air feadh an t-saoghail mar Ionad Nàiseanta airson cànan agus cultar na Gàidhlig. Tha a' Cholaiste na com-pàirtiche ann an Oilthigh na Gaidhealtachd is nan Eilean (OGE), is i a' tairgsinn fìor chothroman foghlaim is rannsachaidh tro mheadhan na Gàidhlig a tha ga neartachadh tro bheatha ann an àrainneachd làn-Ghàidhlig.

'S e colaiste ùr-ghnàthach a th' ann an Sabhal Mòr Ostaig, agus tha goireasan ionnsachaidh air leth ann, leabharlann sònraichte fhèin math, stiùidio craolaidh is clàraidh, agus tha àiteachan-fuirich agus ionad cùraim chloinne air an àrainn. Tha mu 90 oileanach clàraichte air cùrsaichean làn-thìde, mu 260 air cùrsaichean air astar, agus bidh suas ri 800 a' clàradh air cùrsaichean goirid gach bliadhna. Tha obair na Colaiste ga neartachadh tro chàirdeas leis a' choimhearsnachd Ghàidhlig, agus tha iomadh pròiseact culturach agus cruthachail stèidhichte aig an t-Sabhal Mhòr: Tobar an Dualchais, Faclair na Gàidhlig agus Cànan nam measg. Tha na h-ealain is cultar Gàidhlig fìor chudromach do Shabhal Mòr Ostaig, agus tha a' Cholaiste a' ruith prògram còmhnaidh ann an ceòl, litreachas agus na h-ealain lèirsinneachd.

-

Founded in 1973, Sabhal Mòr Ostaig has become internationally recognised as a National Centre for the Gaelic language and culture. The College is an academic partner within the University of the Highlands and Islands (UHI), and provides high-quality education and research opportunities through the medium of Scottish Gaelic. Sabhal Mòr Ostaig is a modern, innovative college and has excellent learning resources on-campus, including an exceptional library collection, broadcast and recording facilities, residential student accommodation and a Gaelic-medium childcare facility. Current student numbers stand at approximately 90 on full-time courses, 260 on distance learning and access courses, and up to 800 on short courses each year. The College's activities are greatly enhanced by co-operative links within the wider Gaelic community, and the College is home to a number of creative and cultural projects such as Tobar an Dualchais, Faclair na Gàidhlig and the multimedia and design company, Cànan. Sabhal Mòr Ostaig also plays a leading role in the promotion of the Gaelic arts and culture and hosts a programme of residencies for artists in music, literature and the visual arts.

Chaidh Danielle Stiùbhart, a cheumnaich bho Shabhal Mòr Ostaig bho chionn cola-deug, ainmeachadh mar Neach-ionnsachaidh ...
12/10/2026

Chaidh Danielle Stiùbhart, a cheumnaich bho Shabhal Mòr Ostaig bho chionn cola-deug, ainmeachadh mar Neach-ionnsachaidh na Bliadhna aig Mòd Ghlaschu 2026 🤩👏

Gaelic Learner of the Year Award presented at Royal National Mòd, read more in comments

A bheil beachd-smuain agad airson gnothachas ùr, ach mì-chinnteach mun chiad cheum?Chaidh prògram Tòisich a chruthachadh...
09/10/2026

A bheil beachd-smuain agad airson gnothachas ùr, ach mì-chinnteach mun chiad cheum?

Chaidh prògram Tòisich a chruthachadh gus luchd-labhairt na Gàidhlig a chuideachadh le bhith a’ dol an sàs ann an iomairtean tionnsgaineach ann an àrainneachd thaiceil, in-ghabhalach agus aig a bheil ceanglaichean ri cultar.

Barrachd fios: https://uhi.pulse.ly/i2v91scqg0

Tha Tòisich air a lìbhrigeadh le Elevator às leth Sabhal Mòr Ostaig agus air a mhaoineachadh le Maoin an Eag-shiostaim.
_____

Do you have an idea for a new business, but not sure where to start?

The Tòisich programme has been created to help Gaelic speakers explore entrepreneurship in a supportive, inclusive and culturally connected environment.

More info: https://uhi.pulse.ly/jfvjjyxy5c

Tòisich is delivered by Elevator in partnership with Sabhal Mòr Ostaig and is supported through The Ecosystem Fund.

Meal a naidheachd do dh'Emily NicDhòmhnaill, seinneadair à Camas Cros san Eilean Sgitheanach, a chaidh ainmeachadh air a...
09/10/2026

Meal a naidheachd do dh'Emily NicDhòmhnaill, seinneadair à Camas Cros san Eilean Sgitheanach, a chaidh ainmeachadh air a' gheàrr-liosta airson cuairt dheireannach Duais Neach-ciùil Traidiseanta Òg 2027 aig BBC Radio Scotland! Tha Emily na h-oileanach air an treas bhliadhna den chùrsa BA (Urr) Gàidhlig agus Foghlam againn 🤩

Leugh barrachd: https://bbc.pulse.ly/hf73qqjncx
_____

Congratulations to singer Emily Macdonald from Camuscross in Skye, who was named on the shortlist for the final of BBC Radio Scotland's Young Traditional Musician Award 2027! Emily is a third-year student on our BA (Hons) Gaelic and Education course 🤩

Read more: https://bbc.pulse.ly/hf73qqjncx

Chaidh Cathraiche a' Bhùird Stiùiridh againn Aonghas MacAonghais ainmeachadh mar Cheann-feadhna Iomain a' Mhòid am-bliad...
09/10/2026

Chaidh Cathraiche a' Bhùird Stiùiridh againn Aonghas MacAonghais ainmeachadh mar Cheann-feadhna Iomain a' Mhòid am-bliadhna! Meal do naidheachd, Aonghais! 👏

Tha urram Cheann-feadhna Iomain a' Mhòid a' dol gu fear a tha air obair mhòr a dhèanamh gus cor na spòrs agus na Gàidhlig àrdachachadh ann an Glaschu.

A bheil thu practaigeach, rianail agus moiteil nuair a thèid obair mhath a dhèanamh?Tha sinn a’ sireadh Oifigear Càraidh...
08/10/2026

A bheil thu practaigeach, rianail agus moiteil nuair a thèid obair mhath a dhèanamh?

Tha sinn a’ sireadh Oifigear Càraidh a bhios ag obair còmhla ri Sgioba na h-Oighreachd gus ar toglaichean, fearann agus goireasan a ghleidheadh is a chumail ann an deagh staid. Nì thu obair chudromach ann a bhith a’ dèanamh cinnteach gu bheil ar n-àrainn sàbhailte, aoigheil agus sgiobalta do dh’oileanaich, luchd-obrach agus luchd-tadhail.

💼 OIFIGEAR CÀRAIDH
💷 £26,890 – £31,671
⏰ 35 uairean gach seachdain
📍 Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Airson barrachd fios: https://uhi.pulse.ly/i8nlipzxde
_____

Are you practical, organised and proud of a job well done?

We’re looking for a Maintenance Officer to join our Estates team and help maintain our buildings, grounds and facilities to a high standard. You’ll play an important role in ensuring our campus remains safe, welcoming and well presented for students, staff and visitors.

💼 MAINTENANCE OFFICER
💷 £26,890 – £31,671
⏰ 35 hours per week
📍 Sleat, Isle of Skye

For more info: https://uhi.pulse.ly/j8up6gbe9p

Tha beagan àitichean fhathast ri fhaighinn sa chiad bhloc de Chùrsaichean Goirid Air-loidhne againn, a tha a' tòiseachad...
06/10/2026

Tha beagan àitichean fhathast ri fhaighinn sa chiad bhloc de Chùrsaichean Goirid Air-loidhne againn, a tha a' tòiseachadh an-ath-sheachdain 🧑‍💻

Faic na th' againn am-bliadhna: https://uhi.pulse.ly/ivmnsxflts
_____

There are still a few places left in the first block of our Online Short Courses, which starts next week 🧑‍💻

Take a look on our website: https://uhi.pulse.ly/yjvmaqhosy

03/10/2026
Thog sinn duais a-raoir “airson an t-sàr bhuaidh a chur sinn air cruth-tìre cultarail, foghlaim agus coimhearsnachd na h...
02/10/2026

Thog sinn duais a-raoir “airson an t-sàr bhuaidh a chur sinn air cruth-tìre cultarail, foghlaim agus coimhearsnachd na h-Alba.”

We are extremely proud to have picked up a Community Impact Award at The Herald’s last night.

Seo na thuirt na britheamhan:

“The judges selected Sabhal Mòr Ostaig for its exceptional contribution to Scotland's cultural, educational and community landscape. They were impressed by the organisation's ability to preserve and promote Gaelic language and heritage while creating lasting social and economic benefits for communities across the Highlands and Islands.”

Cùrsa goirid Session A9 aig a’ Chàisg 2027. Beò bho 12.00f an-diugh is chan eil ach 10 àiteachan air fhàgail mar-thà. Ga...
01/10/2026

Cùrsa goirid Session A9 aig a’ Chàisg 2027. Beò bho 12.00f an-diugh is chan eil ach 10 àiteachan air fhàgail mar-thà. Gan reic nas luaithe na tiocaidean Oasis 🎻

https://www.smo.uhi.ac.uk/events-courses/c2-smcgsa9-2027-04-05/

Bookings opened at midday for Session A9’s April 2027 Short Course. Just 10 places remain! Forget Oasis - join the queue for Sabhal Mòr Ostaig's Short Courses 🎶

Address

Sabhal Mòr Ostaig
Teangue
IV448RQ

Alerts

Be the first to know and let us send you an email when Sabhal Mòr Ostaig posts news and promotions. Your email address will not be used for any other purpose, and you can unsubscribe at any time.

Share